Mu Fèisean nan GàidhealChaidh Fèisean nan Gàidheal a stèidheachadh ann an 1991 mar bhuidheann neo-eisimeileach de dh’fhèisean teagaisg airson nan ealain Gàidhlig. ’S e taic do na Fèisean ionadail prìomh adhbhar na buidhne fhathast, ach o chionn beagan bhliadhnaichean tha na dleastanasan aice air a dhol am meud, gus a bheil i a-nis comasach air seirbheisean riatanach a thairgse a tha nam bun-stèidh do leasachadh na Gàidhlig agus ceòl traidiseanta ann an Alba. Cha bhite air an uiread fàs fhaicinn, mura b’ e taic phrìseil nan daoine a tha ag obair do na Fèisean gu saor-thoileach ann an coimhearsnachdan air feadh na h-Alba, obair chruaidh, dhìoghrasach an sgioba luchd-obrach, agus na compàirteachasan a chaidh a chruthachadh le buidhnean cudromach mar Comhairle Ealain na h-Alba, Iomairt na Gàidhealtachd agus nan Eilean, Bòrd na Gàidhlig, Comhairle na Gàidhealtachd, Comhairle nan Eilean Siar agus Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid.
Tha na Fèisean a-nis a’ fastadh nan ceudan de luchd-ciùil is sheinneadairean gu cunbhalach gus daoine a theagasg ann an coimhearsnachdan is sgoiltean. B’ ann gu math cudromach a bha na Fèisean ann a bhith ag oideachadh àireamh mhòr de luchd-ciùil is sheinneadairean air leth tàlantach, agus feadhainn dhiubh a-nis a’ cluich is a’ seinn aig fìor àrd ìre ann an Alba, agus iad a’ faighinn cosnadh bho bhith a’ cluich is a’ teagasg ceòl Gàidhealach is seinn Ghàidhlig anns na ceithir rannan ruadha. Rinn iad obair riatanach cuideachd a thaobh a bhith cuideachadh òigridh leis na sgilean Gàidhlig aca, agus thug iad misneachd dhaibh a thaobh a’ chànain, agus gu leòr den òigridh a-nis fileanta. Tha smior is sgairt aig ceòl traidiseanta agus obair leasachaidh na Gàidhlig ann an Alba an-dràsta agus seo gu mòr an urra ri mar a shoirbhich do na Fèisean.
| About Fèisean nan GàidhealThe Fèis movement, led by Fèisean nan Gàidheal is an important part of the fabric of Scottish cultural life, widely regarded as an example of good practice in the development of communities, Gaelic language and traditional music.
Fèisean nan Gàidheal was established in 1991 as an independent association of Gaelic arts tuition festivals. Support of local Fèisean remains at the core of the organisation, but in recent years its range of functions has expanded to enable it to offer key services that are at the heart of Gaelic language and traditional music development in Scotland. This growth has been made possible through the invaluable support of Fèis volunteers in communities the length and breadth of the country, the hard work of a committed staff team and the building up of successful partnerships with key agencies including the Scottish Arts Council, Highlands & Islands Enterprise, Bòrd na Gàidhlig, The Highland Council, Comhairle nan Eilean Siar and Argyll & Bute Council.
Fèisean now employ literally hundreds of musicians and singers on a regular basis to teach in the community and in schools. Fèisean have played a key part in producing a large number of excellent performers and players, some of whom are now in the top flight of Scottish musicians, making their living from performing and teaching Highland music and Gaelic song across the globe. They have also played a key part in supporting the Gaelic language skills of young people, and engendering positive attitudes towards the language, with many having gone on to fluency. The current sense of vibrancy in both the traditional music scene and Gaelic language development in Scotland is down in large measure to the success of the Fèis movement.
|